Bathar!

Tha sinn air leth toilichte a bhith comasach air a’ bhathar iongantach againn a tha ri fhaotainn aig Mòd na bliadhna-sa, a roinn leibh!

Scrolaigibh sìos a dh’fhaicinn gach nì a th’ againn ri thoirt dhuibh agus faighibh a-mach mar a dh’òrdaicheas sibh ro-làimh!

Hoodies

Ri fhaotainn le clann ann am meudan XXS – XL aig prìs £19.

Ri fhaotainn le inbhich ann am meudan XS – 5XL aig prìs £25.

Lèine-T

Tha na lèintean-T againn rim faotainn le diofar dealbhadh orra. Tha na lèintean-t dubha, gorma agus fiùise rim faotainn le lògo geal orra. Gheibhear an lèine-T gheal le suaicheantas dathte a’ Mhòid 2022 orra.

Tha lèintean inbhich rim faotainn ann am meudan S – 5XI aig £12.

Tha lèintean chloinne rim faotainn ann am meudan XS – XL aig £8.

Bagaichean

Tha am baga leis na làmhan dathte a’ tighinn le roghainn de làmhan dathte!

Rim faotainn le làmhan ann an Nèibhidh, Dubh, Uaine agus Pinc, agus suaicheantas dubh orra aig prìs £8.

Am pàirt cudromach …… Mar a dh’òrdaicheas sibh!

Bu chòir do na h-òrdughan uile a bhith dèante le bhith a’ lìonadh an fhoirm gu h-ìosal agus a thilleadh gu modpheairt22@gmail.com

Feumaidh iad am pàigheadh le tar-chur banca agus cha bhi an t-òrdugh air a ghiullachd gus am bi e pàighte. Mu dheireadh, thoiribh an aire gum feum na h-òrdughan uile a bhith air an togail bhon a’ stàla bathair aig àm sam bith tro sheachdain Mòd Pheairt 2022. Feumar òrdughan agus pàighidhean fhaighinn ro Dhiciadain 28 Sultain airson an togail ann an seachdain a’ Mhòid

Fiosrachadh Banca

Ainm a’ Chunntais:            Comann Gàidhlig Pheairt

Àireamh a’ Chunntais:       0038 2504

Còd Seòrsachaidh:            80-91-28

Iùl Mheudan

Cliogaibh air a’ cheangal gu h-ìosal gus faighinn chun an iùil mheudan.