Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil Comataidh Ionadail Mòd Nàiseanta Rìoghail Pheairt airson fàilte mhòr a chur oirbh gu Mòd na bliadhna-sa.

Bidh a Mòd a’ tòiseachadh air an 14mh latha den Dàmhair is a’ ruith gus an 22mh.

Chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am Peairt ann an 2004 (18 bliadhna air ais!)

Tha sinn uile air a bhith ag obair uabhasach cruaidh airson dèanamh cinnteach gun toir Mòd na bliadhna seo togail dha inbhe ‘s cultar na Gàidhlig agus gu bidh a’ sealltainn cho brèagha ‘s a tha Siorrachd Pheairt cuideachd!

Bidh rudeigin ann airson a h-uile duine : mas e pàirt a ghabhail ann an co-fharpais, a’ frithealadh cèilidh no fiù’s dìreach a’ tadhail air an àite àlainn seo!

Mar sin, mus ann a Hiort, Peairt no Pearu a tha sibh, bidh rudeigin ann dhuibh uile!